Gàidhlig // A’ cuimhneachadh air Dòmhnall MacIlleDhuibh

Lismore cove

Bha mi gu math duilich a chluinntinn gun do shiubhail Dòmhnall MacIlleDhuibh à Lios Mòr an t-seachdain-se. ‘S e an fhìrinn a th’ ann gur e fear de na daoine mu dheireadh aig a bheil Gàidhlig Latharna bho thùs, ach, ged a ‘s e rud brònach a tha sin gu dearbh, chan e sin a bha nam cheann nuair a chuala mi.

Bha mi a’ smaoineachdainn air turas a thachair mi ris san Òban, mise a’ coiseachd air ais don flat agam bho thaigh mo phàrantan, ‘s esan a’ dol a-steach gu bùth Alba, bùth stuth ealain ann am meadhan a’ bhaile. Bha e a-riamh gu math dèidheil air tarraing dhealbhan; bhiodh e ag ràdh gu tric gur e deagh cur-seachad a bh’ ann sna h-oidhcheannan dorcha geamhraidh.

Chuir mi stad air, ‘s bhruidhinn sinn fad mionaid no dhà. Cha robh mi uamhraidh eòlach air, ach bha mi daonnan airson cothrom a ghabhail Gàidhlig a bhruidhinn ris, agus esan den aon bheachd. Le gàire, thuirt e rium gun tachradh e ri daoine le Gàidhlig gach turas a thigeadh e don Òban.

Tha mi air a bhith a’ smaoineachdainn cuideachd air turas a bha mi air an trèana, ‘s mi a’ tighinn dhachaigh à Glaschu. Bha mi nam shuidhe aig bòrd a’ leughadh leabhar air choireigin. Mus do dh’fhalbh sinn Sràid na Banrighinn, thàinig dithis a shuidhe còmhla rium. Sheall mi suas, ‘s mhothaich mi gur e Dòmhnall MacIlleDhuibh a bh’ ann, agus a bhean, Roma. Bha iad air a bhith còmhla ris na h-oghaichean aca ann an Glaschu, ‘s iad a-nis a’ dol dhachaigh.

‘S e turas fada a th’ ann air an rathad-iarainn ud; bhruidhinn sinn bho àm gu h-àm, air iomadh rud, ‘s seallaidhean brèagha Earra-Ghàidheil a’ dol seachad taobh eile na h-uinneige. Faisg air Taigh an Droma, thuit e na chadal, ‘s nuair a dhùisg e, thoisich Roma a tharraing às gu socair, ‘s iad a’ gàireachdainn còmhla. Bha an gràdh eatarra cho soilleir ‘s a ghabhas.

‘S ann an Lios Mòr fhèin a bha e an turas mu dheireadh a chunnaic mi e. Bha mi còmhla ri caraidean, ‘s sinn air latha a thoirt seachad a’ dol timcheall air an eilean air rothairean. Bha sinn a’ feitheamh aig an aiseag, ‘s a’ ghrian a’ dol fodha. Nochd càr beag, thàinig an draibhear a-mach agus choisich e thugainn. ‘S e Maighstir MacIlleDhuibh a bh’ ann; bha a nighean ‘s oghaichean a’ tighinn a dh’fhuirich còmhla ris ‘s ri Roma fad greis air an eilean.

Thòisich e a bhruidhinn rinn ann am Beurla, ach bha Gàidhlig aig triùir a-mach à ceathrar dhuinn, ‘s mar sin, thionndaidh sinn gu Gàidhlig. Bha e follaiseach gun d’ fhuair e toileachas às sin – a’ bruidhinn na Gàidhlig còmhla ri daoine òga air an eilean aige fhèin.

Ann am beagan mionaidean, thàinig am bàta, ‘s choisich sinn uile sìos don chidhe. Mus deach sinn air na rothairean a-rithist, thionndaidh mi gus tìoraidh a ràdh ri Maighstir MacIlleDhuibh, ach bha e a’ dèanamh air a’ bhàta mar thà . Sheall sinn às a dhèidh, ‘s chunnaic sinn nighean bheag a’ ruith a-mach às an aiseag, a-steach gu gàirdeanan a seanair.

Advertisements

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s